Duais Sgoilearachd
Duais Sgoilearachd
Gach bliadhna, Bidh Comunn na Clàrsaich a’ tabhann Duais Sgoilearachd gus daoine òga aig ìre sam bith a tha a’ sealltainn tàlant ach a tha cuingeachailte a thaobh ghoireasan, ionmhas, no eile a bhrosnachadh.
Bidh an duais na suim stèidhte (suas gu £300) airson cleachdadh airson cosgais oideachadh agus àite-fuirich air cùrsa ceadaichte le stuthan-teagaisg Albannach (m.e. Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann), airson leasanan prìobhaideach, no innealan-ciùil fhaighinn air màl.
’S e 1mh dhen t-Samhain an ceann-latha airson nan tagraidhean anns a’ bhliadhna anns a bheilear a’ cur tagradh.
Mar a chuirear a-steach
1. Faodaidh ball sam bith de Chomunn na Clàrsaich, a bharrachd air na h-Urrasairean, cur a-steach air a shon:
Faodaidh tagraichean nach eil soirbheachail cur a-steach ann am bliadhnaichean an dèidh làimh
Chan fhaod luchd-buannachaidh cur a-steach ann am bliadhnaichean an dèidh làimh.
2. Thathar am beachd gum bi an sgoilearachd na buannachd agus a’ brosnachadh chluicheadairean òga aig ìre sam bith agus aig a bheil cuingealachadh a thaobh goireasan, ionmhas no eile.
3. Bidh an duais na suim stèidhte le Comataidh Ciùil a’ Chomuinn (suas gu £300) airson cleachdadh a thaobh cosgais oideachaidh agus àite-fuirich aig cùrsa ceadaichte le stuthan Albannach (m.e. Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann), airson cùrsa de leasanan prìobhaideach, no airson innealan-ciùil fhaighinn air màl.
4. Thèid beachdachadh air na tagraichean le Comataidh Ciùil a’ Chomuinn agus bidh an Sgoilearachd air a thoirt don tagraiche/do na tagraichean as airidh air. Bidh an co-dhùnadh deireannach aig na britheamhan.
5. Feumaidh gach tagraiche clàradh fuaime (MP3 no a leithid) dhen cheòl aig an tagraiche air clàrsach. Dh’fhaodadh seo a bhith na aon phìos no seata de phìosan a rèir comas an tagraiche, suas gu 5 mionaidean a dh’fhaid, agus bu chòir cuid de stuthan Albannach a bhith ann.
6. Feumaidh gach tagradh a bhith air a chur a-steach le:
- Foirm-tagraidh air a lìonadh (luchdaich gu h-ìseal)
- Clàradh fuaime (MP3 no a leithid) de cheòl a chaidh a chluich leis an tagraiche air a’ chlàrsaich (faic 5).
- Moladh dìomhair sgrìobhte le sponsair: a tha na neach-teagaisg ciùil aithnichte, nach fheum a bhith na neach-teagaisg na clàrsaich ach a bu chòir a bhith na thidsear ciùil no na chluicheadair a tha comasach air beachd a thoirt air comas ciùil coitcheann an tagraiche.
7. Feumaidh tagraidhean a bhith air an cur a-steach ro 1d Samhain gach bliadhna. Dh’fhaodadh an duais a bhith air a cleachdadh anns a’ bhliadhna a leanas.
8. Feumaidh an tagraiche dealbh agus aithisg ghoirid a chur a-steach air mar a chaidh an duais a lìbhrigeadh, gu bhith air a foillseachadh ann an Aithisg Bliadhnail a’ Chomuinn agus air an làrach-lìn.
9. Bu chòir do dh’fhoirmichean tagraidh a tha air an lìonadh, molaidhean bho sponsairean agus faidhlichean fuaime a bhith air an cur gu prìobhaideach tro phost-dealain ro 1d Samhain de bhliadhna an tagraidh.
10. Ma tha ceistean sam bith no feumalachdan sònraichte agad cuir fios chun na h-Oifis Nàiseanta tro phost-d no fòn air +44 (0)131 554 0212.